Thursday 2 August 2018

Dà bhliadhna anns a' Ghearmailt!

O chionn dà bhliadhna dh'imrich mi à Dùn Èideann do Fhrankfurt am Main anns a' Ghearmailt. 'S gann gun creidinn e! Dh'imrich mi a-nall airson dreuchd aig a' bhanca choitcheann na Gearmailte. Bidh an dreuchd doirbh ach 's toigh leam i gu math, agus tha mo cho-làmhaichean caomhail agus cuideachail.

Bu lugha orm Frankfurt ré nam miosan tòiseachail ach cha robh a' chiad chur romham ach dà bhliadhna an-seo fhuireach!

Uill, tha mi an-seo fhathast, agus tha mi air rùnachadh a-bhos fhuireach gu buanach. Bidh mi ag imrich a Würzburg ann an stàit na Baidheirn san Sultain. Carson? 'S e am baile mòr far a bheil mo ghràidhean a' fuireach :) Bidh sinn a' pòsadh san Dàmhair!

No comments:

Post a Comment