Monday 30 July 2018

Anns a' Ghleann Mhòr

O chionn trì seachdainean thill mi a dh'Alba airson saor-laithean leis an teaghlach. Air dòigh air chor-eigin bha a dol aig mo mhàthair an teaghlach uile fhaighinn agus mar sin shiubhail dà dhuine dheug à Dùn Èideann no à Peairt gus a' Ghleann Mhòr. Air an t-slighe stad sinn ann am Baile Chloichridh, far an d'rinn sinn sireadh-ionmhais.

Anns a' Ghleann Mhòr dh'fhuirich sinn air bruaich Loch Omhaich far am b'urrainn dhuinn spòrs a dheanamh air àrainn. Rinn sinne curachnachd, caidheagadh, urchaireachd chalman criadha, coiseachd tro mòr-ghil, mar sin air adhart. Agus chòrd a h-uile dad rium gu mòr!

Air an turas air ais gu Dùn Èideann chaidh sinn dhan Ghearasdan airson na trèin "Sheumasaich" a bhreith a Mhalaig. Bha an turas an sin glè bhòidheach agus chòrd an trèan ri macaibh mo pheathair gu math!

As dèidh sin dhraibh mi le mo bhràthair nas òige dhachaigh slighe Glinn Comhann.


Corrections/comments welcome!

No comments:

Post a Comment